Croitearan iomagaineach mu ionmhas

  • Air fhoillseachadh
caoraich

Tha croitearan iomagaineach mu ionmhas fhad's a mhaireas staing a' choròna-bhìorais a-rèir sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh le Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

Tha iad cuideachd draghail mu bhith a' faighinn na tha a dhìth orra 'son stoc a bhiadhadh, agus dè seòrsa seirbheis a gheibh iad bho lighichean sprèidh.

Bha an treas cuid a fhreagair an suirbhidh a' faicinn an airgid ris an robh dùil aig an àm seo den bhliadhna air crìonadh.

Cearcan

Tha mòran chroitearan a' reic bìdh gu h-ionadaiol agus cuideachd a' toirt seachad seirbheisean leabaidh is breacaist, ach air sàilleabh gnhìomhan ghlasaidh, chan eil taighean-òsta is taighean-bìdhe a' ceannach, agus chan eil luchd-turais a' tighinn dhan sgìre a bharrachd.

Thuirt aon neach aig a bheil 250 cearcean gu bheil e a' toirt seachad nan uighean aige an asgaidh, leis nach eil a' mhargaid ann 'son an ceannach.

Tha faireachdain ann gu bheil suidheachadh nan croitearan air a dhichuimhneachadh nuair a tha an riaghaltas a' toirt seachad taic airgid.

Mar eisimpleir, thuirt aon neach gu bheil iad a' call tòrr airgid leis nach eil daoine a' tighinn dhan àite-fuirich aca, ach leis nach e sin am prìomh chosnadh aca, chan eil iad a' faighinn sgillinn.

Tuigsinn

"Bu chòir dhan an riaghaltas tuigsinn gu bheil croitearan ri diofar iomairtean 'son cosnadh a dhèanamh agus gu bheil sin a-rèir ràithean na bliadhna - feumaidh sinn airgead gu leòr a dhèanamh as t-samhradh a mhaireas tron gheamhradh", thuirt iad.

Tha trioblaidean aca a thaobh luchd-obrach cuideachd leis nach eil oileanaich, luchd-obrach air cùmhnant, no luchd-obrach saor-thoilleach rim faighinn.

Thuirt aon chroitear nach eil e comasach obair riatanach a dhèanamh leithid feansaidh leis gu eil companaidhean a b' àbhaist a bhith a' dèanamh seo a' leantainn riaghailtean a thaobh a bhith fuireach aig an taigh, a dh'aindeoin 's gu bheil obair fearainn na phàirt chudromach ann a bhith a' cumail na dùthcha a' dol.

Dh'iarr iad cuideachd gum biodh an teachdaireachd bhon riaghaltas nas soileire a thaobh obair-croite.

Dh'fhaodadh, tha iad ag ràdh, barrachd dhaoine a bhith ag obair air a' chroit, ach tha iad a' faireachdain nach bu chòir dhaibh sin a dhèanamh.

Thuirt Cathraiche Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, Yvonne White, gu bheil an suirbhidh fhathast a' dol agus gum biodh e math cluinntinn bho chroitearan eile 'son 's gun urrain dhaibh am fiosrachadh as mionaidiche a thoirt don riaghaltas air mar a tha croitearan a' fulang, feuch an tèid aca air taic-ionmhais fhaighinn.