Luchd-leasachaidh misneachail gun togar taigh-òsta air làrach an Ironworks an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
An Ironworks
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an Ironworks a thogail mar thalla-ciùil

Tha a' chompanaidh air cùl phlanaichean taigh-òsta a thogail air làrach ionad-ciùil an Ironworks ann an Inbhir Nis ag ràdh gu bheil iad fhathast gu mòr a' cur taic ris a' phròiseact a dh'aindheoin èiginn a' Choròna-Bhìorais.

Tha Bricks Capital ag ràdh gu bheil iad fhathast am beachd an taigh-òsta anns am bi 162 seòmar-cadail a thogail air an làraich air Sràid Acadamaidh agus dùil ann gum faodadh e aoigheachd a thoirt do suas ri 100,000 duine gach bliadhna.

Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gu bheil am maoineachadh aca deiseil air a shon a dh'aindheoin nan duilgheadasan a dh'adhbhraich bacaidhean a' Choròna-Bhìorais agus nach cuir iad dheth am pròiseact neo dàil air.

Chan eil an obair gun chonnspaid ge-tà; feumaidh an talla-ciùil, an Ironworks, a bhith air a leagail an toiseach.

Ath-bheòthachadh meadhan Inbhir Nis

Chaidh innse dhan fheadhainn a tha a' cur air dòigh cuirmean san Ironworks gum bi 12 mìosan aca àite eile a lorg ma bheir Comhairle na Gàidhealtachd cead do na planaichean.

Fo na thathar a' moladh 's e a' chompanaidh thaighean-òsta, Marriot, a bhiodh an urra ris an taigh-òsta.

Thuirt Àrd Oifigear Bricks Capital Ailean MacDhàibhidh, a bhuineas do dh'Inbhir Nis, gun robh fianais ann gu bheil fhathast feum air taighean-òsta ùra ann an Inbhir Nis.

Thuirt e: "Bheir e spionnadh eaconamach mòr do mheadhan baile Inbhir Nis cho math ri planaichean na Comhairle Sràid Acadamaidh ùrachadh.

"Air sgàth an lockdown chan urrainn do chomataidh dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd coinneachadh airson beachdachadh air an iarrtas againn gus an Lùnasdal aig a' char as tràithe."