Suidheachadh nan sgoiltean fon phrosbaig

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' coimhead ri mar a ghabhas suidheachadh nan sgoiltean a làimhseachadh nuair a bhios cead ann am fosgladh a-rithist.

Thuirt ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, gu bheil iad am measg eile a' meòrachadh air mar a ghabhas clann a chumail bho chèile.

Rinn a' Bh. Ph. Davidson moladh mòr air mar a tha luchd-teagaisg, sgoilearan agus pàrantan air dèiligeadh ri foghlam air-loidhne ri linn staing a' Choròna-bhìorais.

Thuirt e gur e faochadh a th' ann gun do sgaoil an t-ùghdarras ionadail coimpiutairean 'Chromebook' roimhe is gu bheil sin air feum mòr a dhèanamh.

Planaichean

Dh'innis i gu bheil Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, air innse gu soilleir nach fosgail sgoiltean ron Lùnastal co-dhiù, ach gu bheil ullachadh a' dol mu choinneimh an t-saoghail a bhios ann nuair a thèid iad air ais.

"Feumaidh sinn gnothaichean a chur gu dol ach cha bhi cùisean mar a bha iad.

"Tha sinn a' beachadachadh air astarachadh sòisealta, air beàrnan eadar deascaichean, air mar a ghabhas luchd-obrach a dhìon.

"Còmhdhail cuideachd, feumaidh sinn coimhead ri mar a ghabhas clann fhaighinn dhan sgoil agus dhachaidh gun cunnart a bhith ann bho sgaoileadh a' Choròna-bhìorais.

"Tha beagan ùine againn, ach feumaidh sinn beachdachadh air", thuirt i.