'Bithibh laghach'

  • Air fhoillseachadh
Loch Mhùrlaig

Chaidh iarraidh air daoine ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a bhith laghach ri daoine nach eil iad ag aithneachadh, is gun a bhith a' smaointinn gu bheil iad a' briseadh riaghailtean a' Choròna-bhìorais.

Tha Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta ag ràdh gu bheil iad mothachail gu bheil suidheachaidhean air a bhith ann nuair a bha cuid mì-mhodhail ri daoine nach robh iad ag aithneachadh.

Tha an t-ùghdarras agus Com-pàirteachas Gnothachais a' Mhonaidh Ruaidh a-nise air litir a sgaoileadh gu muinntir an àite.

Tha iad ag ràdh gum feum daoine a bhith fìor fhaiceallach gun a bhith a' sàrachadh dhaoine is gum bi luchd-tadhail fìor chudromach dhan àite nuair a thèid na riaghailtean a th' ann a thogail.

Rabhadh

"'S dòcha gu bheil sinn a' faicinn dhaoine nach fhaca sinn roimhe. 'S dòcha gu bheil iad ag obair is a' siubhail aig amannan diofraichte air sgàth an t-suidheachaidh a th' ann", thuirt Àrd-Oifigear Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Grant Moir.

"'S dòcha nach eil thu eòlach orra ach tha iad a' fuireach sa bhaile agad cuideachd.

"Tha luchd-obrach riatanach againn an seo ann an àiteachan-fuirich eadar-amail.

"Feumaidh sinn a bhith faiceallach a thaobh a bhith ag ràdh gur e coigrich a th' ann an daoine, no gu bheil iad anns an sgìre nuair nach eil còir aca a bhith ann.

"Bu chòir do dhaoine fios a chur air na h-ùghdarrasan ma tha draghan dha-rìribh orra, ach feumaidh iad a bhith cùramach is gun gnothaichean a ghabhail nan làmhan fhèin", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh