Figearan ùra a' Choròna-bhìorais

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Tha àireamh a' bhàis co-cheangailte ris a' Choròna-bhìoras air a' Ghàidhealtachd a-nise aig 72, a rèir nam figearan as ùire bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba.

Tha seo suas bho 50 an t-seachdain seo chaidh.

Tha am fiosrachadh a' dèanamh cunntais air a h-uile cùis far a bheil aithris air a' bhìoras air clàradh bàis.

Tha e a' toirt a-steach an fhiosrachaidh a bh' ann suas chun an 26mh den Ghiblean.

Ann am figearan na Gàidhealtachd, bha 46 bàs san ospadal, 16 ann an dachaighean cùraim, is 10 aig an taigh.

Cha deach bàs bhon Choròna-bhìoras a chlàradh anns na h-Eileanan an Iar aig an ìre seo.

Air feadh Alba, sheall na figearan gun robh àireamh a' bhàis co-cheangailte ri Covid-19 air a dhol suas gu 2,272 duine.