£13,000 do Hub an t-Òib

  • Air fhoillseachadh
An t-Òb

Chuir buidheann stuiridh 'Hub an t-Òib' fàilte air naidheachd gun d' fhuair iad còrr is £13,000 bho Stòras Fearann na h-Alba.

Thèid an t- airgead a chosg air leasachadh nam planaichean a th' aca airson sealbh fhaighinn air seann Sgoil an t-Òib.

Thathas an dòchas goireasan leithid cafaidh agus oifis phuist fhosgladh ann, agus cuidichidh an t-airgead seo leis na planaichean a thoirt air adhart.

"Tha sinn a' smaoineachadh a-niste gur e seo toiseach-tòiseachaidh chùisean dha-rìribh airson Hub an t-Òib," thuirt Catriona NicIllinnean, a th' air buidheann stiùiridh na h-iomairt.

Goireasan

"Tha sinn air a bhith cha mhòr còig bliadhna a' faighinn chun na h-ìre seo.

"Chaidh iomadach, iomadach cnap-starra a chur anns an rathad oirnn, thairis air na bliadhnaichean, agus bha amannan ann a bha sinn a' smaoineachadh nach fhaiceadh sinn seo a' tachairt riamh.

"Tha slighe mhòr dha-rìribh againn ri dhol, ach tha sinne toilichte a' faighinn chun na h-ìre seo, dha-rìribh.

"Tha sinn airson goireas a stèidheachadh a bhios ann airson na coimhearsnachd air fad, agus chan ann dìreach do mhuinntir an t-Òib, ach ceann a deas na Hearadh air fad, agus nas fharsainne na sin.

"Tha sinn airson àite a chruthachadh far am bi daoine às an sgìre fhèin a' frithealadh tric airson iomadach adhbhar, agus cuideachd na mìltean a tha a' tadhal air an sgìre gach bliadhna.

"Bidh bùth charthannais na chois a bheir a-steach beagan airgid airson an rud a chumail a' dol.

"Tha sinn cuideachd a' beachdachadh diom a chur air dòigh, agus tha an uidheamachd againn mar thà airson sin a dhèanamh.

"Cuideachd àite far am faodar nìgheadaireachd a dhèanamh," thuirt i.

'S ann bho bheachdan a thrus a' bhuidheann anns a' choimhearsnachd a thàinig na molaidhean airson na bhios an lùib an hub.

Tha a' bhuidheann cuideachd an dòchas goireas fhaighinn air ais don àite, agus iad air an oifis phuist aca a chall bho chionn dà bhliadhna.