Loidhne-fòna ùr taice sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Chuir NHS nan Eilean Siar loidhne-fòna ùr air dòigh Diciadain airson taic a thaobh a' Choròna-bhìorais a thoirt do dhaoine a tha a' fuireach 's ag obair anns na h-eileanan.

Faodaidh am poball, luchd-obrach slàinte agus cùraim fiosrachadh fhaighinn tron t-seirbheis ùir ma tha iomagain orra no ceistean aca mun bhìoras, air an àireamh 01851 601151.

Bidh an loidhne fosgailte eadar 09:00m agus 5:30f Diluain gu Dihaoine.

Ceistean

"Tha fhios again gu bheil iomadach ceist aig daoine fhathast mun Choròna-bhìoras," thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill aig NHS nan Eilean Siar, an Dr Maggie Watts.

"Bheir an loidhne seo goireas ùr do dhaoine airson freagairtean fhaighinn dha na ceistean sin, agus taic do mhuinntir an àite gus an tuig iad barrachd mu dhèidhinn a' bhìorais, mun bhuaidh a tha e a' toirt air daoine, agus mu na dòighean cudromach anns am faod iad cuideachadh gus a' bhuaidh a tha e a' toirt air na coimhearsnachdan againn a lùghdachadh," thuirt i.

Gheibhear fiosrachadh mun bhìoras cuideachd air an làraich-lìn ùir taice www.coronavirus.wi.nhs.scot

Thuirt bòrd na slàinte ge-tà, gur ann gu NHS24 a bu chòir fios a chur an toiseach ma tha comharran a' bhìorais air daoine no air buill den teaghlach aca.

Gheibhear fiosrachadh cuideachd aig www.nhsinform.scot