CalMac an dùil ri fois

  • Air fhoillseachadh
Aiseag

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn an dòchas gum bi na seirbheisean aca sàmhach a-rithist air deireadh-seachdain na Bealtainne, cleas mar a bha àm na Càisge.

Sheachainn daoine siubhal aig àm na Càisge, 's iad a' leantainn stiùireadh an Riaghaltais fuireach aig an taigh ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Tha CalMac a' cumail orra a' faighneachd a bheil deagh adhbhar aig daoine a bhith a' siubhal mus leigear air bòrd nan aiseagan aca, 's luchd-obrach nan calaidhean a-niste ag iarraidh cead-dràibhidh dhaoine fhaicinn a dhearbhadh co-dhiù tha iad a' fuireach sna h-Eileanan, no fianais gu bheil an obair aca riatanach.

Chunnacas àrdachadh o chionn ghoirid air na bha de dhaoine a' feuchainn ri tursan là a dhèanamh, gu h-àraid air Chluaidh.

Diùltadh

"Dh'fhaodadh gun toir an deagh shìde air daoine a bhith ag iarraidh a dhol a-mach 's a bhith a' siubhal, ach dh'iarrainn air a h-uile duine cumail orra a' leantainn stiùireadh an Riaghaltais agus fuireach aig an taigh," thuirt Stiùiriche Obraichean ChalMac, Raibeart Moireasdan.

"Chan eil e riatanach gum faigh daoine turas là chun na tràghad, agus cha bhi leisg oirnn cead a dhiùltadh do dhaoine a dhol air bòrd mura bheil fìor dheagh adhbhar a bhith a' siubhal còmhla rinn."

Dhiùlt CalMac siubhal do 35 duine às an Learghaidh Ghallda, Bàgh Wemyss agus Àird Rosain air an deireadh-sheachdain mu dheireadh.

"Cha bu chòir gur ann air an luchd-obrach againne a tha an t-uallach a thaobh seo," thuirt Mgr Moireasdan.

"Feumaidh daoine uallach a ghabhail iad fhèin, agus feumaidh daoine faighneachd dhiubh fhèin co-dhiù tha an turas aca riatanach.

"Ma 's ann airson an ùine a chur seachad a tha e, 's e "chan eil" am freagairt," thuirt e.

Thàinig lùghdachadh 95% air na bha de luchd-siubhail agus de charbadan air feadh nan 28 slighean aig CalMac bho chuireadh an lockdown an sàs.