Dragh an Earra-Ghàidheal ri linn obair-togail a tha gus tòiseachadh

  • Air fhoillseachadh
Crainn-ghaoithe air Beinn an Tuirc
Fo-thiotal an deilbh,
Crainn-ghaoithe air Beinn an Tuirc

Tha mì-thoileachas ann an Cinn Tìre ann an Earra-Ghàidheal mu phlanaichean tòiseachadh a' togail tuath-gaoithe an t-seachdain seo.

'S e Scottish Power Renewables a tha ga dhèanamh, 's ged a tha obair-togail dheatamach a-nis ceadaichte, tha dragh sa choimhearsnachd gu bheil iad a' toirt luchd-obrach à Poblachd na h-Èireann a-steach dhan sgìre.

Tha seo a' tighinn agus paramedic à Ceann Loch Chille Chiarain, Raibeart MacIlleDhuibh, air bàsachadh air an deireadh-sheachdain le Covid-19.

Thuirt Buidheann Seasmhachd Coimhearsnachd Chinn Tìre gum bi fìor ionndrainn air deagh athair teaghlaich, fear-ciùil tàlantach agus paramedic sgoinneil.

Dàil

Dh' iarr an comhairliche Iain Armour air a' chompanaidh dealain dàil a chur sa phròiseact gus an atharraich suidheachadh an lockdown.

Thuirt fear-labhairt Scottish Power Renewables gu bheil an leasachadh a' dol air adhart a rèir stiùiridh Riaghaltas na h-Alba do phròiseactan togail a tha riatanach.

Thuirt iad gum biodh iad a' cumail ri astarachadh sòisealta aig an làraich togail, agus gun do chuir iad riaghailtean soilleir an sàs dhan luchd-obrach a thaobh mar a dh'fhaodadh iad gnothach a ghabhail ris a' choimhearsnachd.

Tha Mgr Armour cuideachd air iarraidh air a' chompanaidh gun tèid deuchainnean a dhèanamh air an luchd-obrach mus tig iad chun na sgìre ma dh'fheumas an obair tòiseachadh an t-seachdain seo idir.