Tha heileacoptair a' dòrtadh uisge air teine monaidh air Taobh Siar Rois

  • Air fhoillseachadh
Teine monaidh air Taobh Siar RoisTùs an deilbh, Malcolm MacKenzie
Fo-thiotal an deilbh,
Sealladh den teine a thogadh oidhche Luain

Chaidh heileacoptair a thoirt a-steach airson uisge a dhòrtadh air teine a th'air sgapadh air monadh os cionn Loch Ciseòrn.

Tha sia carbadan-smàlaidh an sàs san iomairt airson smachd fhaighinn air an teine.

Thòisich e feasgar Diluain agus a tha e a-nis a' toirt buaidh air grunn chileameatairean ceàrnagach de thalamh faisg air baile Achadh na Tràghad.