Sealladh pearsanta air bàs Chovid-19

Le Dòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim

Tha cuimhne agam a bhith air an t-sioft tràth aig BBC Naidheachdan air ais san Fhaoilleach is aithris againn mu ghalar a bha a' sgaoileadh ann an Sìona.

Mar a bha baile Wuhan a' cur riaghailtean an sàs feuch smachd a chumail air.

Bha e follaiseach gur e stòiridh chudromach a bh' ann. Ach ma 's math mo chuimhne, cha b' e a' phrìomh sgeulachd a bh' againn air Aithris na Maidne an là ud.

Cha robh Gàidhlig againn fhathast air Coronavirus - comharra, 's dòcha, nach robhar a' meas gun robh cunnart ro mhòr ann dhan Ghàidhealtachd.

Tha sinn tuilleadh 's a chòrr eòlach air a' Choròna-bhìoras a-nise. Mar a tha e air sgaoileadh tron t-saoghal. Mar a tha e a-nise air tighinn nar measg fhèin.

Cunntas pearsanta

B' ann à Cùl nan Cnoc ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich a bha Iain Aonghas Gòrdan. Bha e 83 is e a' fuireach ann an dachaigh-cùraim Home Farm am Port Rìgh.

Ann an cunntas làidir pearsanta, dh'innis mac Iain Aonghais, an comhairliche Sgitheanach Iain Gòrdan, mar a chuala an teaghlach aithrisean gun robh am bhìoras san dachaigh.

Is mar a fhuair iad fios an uair sin Dihaoine bhon chompanaidh a tha ga ruith, HC-One, gun robh Iain Aonghas a' fulang.

Ghluais an gnothach gu luath. Gun chothrom aig an teaghlach a bhith còmhla ris ged nach robh iad ach mionaidean air falbh, choimhead iad is bhruidhinn iad ri Iain Aonghas tron choimpiutair.

"Tha sinn cho taingeil mar theaghlach gum b'urrainn dhuinn sin a dhèanamh", thuirt Mgr Gòrdan.

"Cha b'urrainn dhuinn a bhith ri thaobh, ach bha sinn coltach ris tro Facetime.

"M'athair, b' e fear a bh' ann a bha 'son a bhith faisg air daoine. Nam faiceadh tu e, chuireadh e làmh a-mach sa bhad.

"Anns na bliadhnaichean mu dheireadh bha e a' fulang le dementia is bha e buileach cudromach dha. Ma bha thu a' suidhe ri thaobh, bhiodh e airson do làmh a ghabhail.

"Bha sinn a' coimhead air Facetime is bha fios againn gun robh an deireadh a' tighinn.

"Chunnaic mi m'athair a' sìneadh a làimh a-mach a dh'ionnsaigh an neach-cùraim a bha ri thaobh, is i le làn PPE oirre is miotagan.

Fo-thiotal an deilbh,
Bha Iain Aonghas Gòrdan a' fuireach ann an Home Farm.

"Ghabh i a làmh. B' e siud m'athair, bha e 'son a bhith faisg air daoine", thuirt Mgr Gòrdan.

Chaochail Iain Aonghas Gòrdan Dimàirt.

Tha deichnear air am beatha a chall le Covid-19 orra san dachaigh-cùraim, is cha mhòr 60 cùis ann.

Chan eil ach moladh aig Iain Gòrdan do luchd-obrach Home Farm airson a' chùraim a tha iad a' toirt seachad.

Ach tha e ag ràdh gu bheil feum air freagairtean air ciamar a thàinig na h-uimhir de chùisean Chovid-19 am bàrr san Eilean Sgitheanach.

"Tha ceistean ann - chan ann mun luchd-obrach - ach mu luchd-stiùiridh HC-One.

"Bha sinn den bheachd gun robh HC-One air thoiseach air càch a thaobh an dachaigh a dhìon.

"Bha sinn troimh-chèile nuair a fhuair sinn a-mach na bh' ann de chùisean. Chaidh rudeigin fada ceàrr an seo is feumaidh luchd-stiùiridh HC-One ceistean a fhreagairt.

"Bidh a' choimhearsnachd, bidh na h-ùghdarrasan slàinte, bidh Riaghaltas na h-Alba fhèin tha mi cinnteach, airson faighinn a-mach ciamar a fhuair Covid-19 ma sgaoil chun na h-ìre seo ann an aon àite san Eilean Sgitheanach", thuirt e.

Tha HC-One ag ràdh nach eil dad ach ri chleith a thaobh Home Farm. Thuirt iad gu bheil na smuaintean aca leis na teaghlaichean a tha air luchd-dàimh a chall is gu bheil iad a' cumail taic riutha.

Deuchainnean

San Eilean Sgitheanach is ann an coimhearsnachdan eile faisg air làimh, tha daoine a' feitheamh gu furachail is ag ùrnaidh is an dòchas nach sgap an galar.

Chualas dragh anns na Hearadh an t-seachdain seo gu bheil cuid fhathast a' tadhal air an eilean nuair nach eil còir aca.

Thuirt cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh gu bheil daoine a' faicinn a-nise cho faisg orra 's tha am bhìoras "cealgach".

Thàinig beachd às Uibhist gum bu chòir deuchainnean a bhith air an dèanamh air gach neach a thig far bhàt'-aiseig.

Bhruidhinn am Prìomaire an t-seachdain seo chaidh air "solas na grèine".

Le suidheachadh Phort Rìgh gu mòr air an aire, chan eil muinntir a' chinn a tuath ga fhaicinn fhathast.