Rannsachadh às dèidh bàs obann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis sna h-Eileanan Siar a' rannsachadh às dèidh bàs obann fireannaich, aois 48, ann an Steòrnabhagh.

Chaidh oifigearan a ghairm gu dachaigh air Bràigh Mhic a' Mhaoilein mu 08:45m Diluain.

Thathas a' tuigsinn gun robh na Poilis fhathast aig an làraich oidhche Mhàirt.

Thuirt na Poilis gu bheil iad a' dèiligeadh ris a' bhàs mar chùis neo-mhìnichte.