Dùil gum fosgail Port-adhair Inbhir Nis às ùr

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images

Tha e coltach gun tòisich cuid de sheirbheisean-adhair do luchd-siubhail aig Port-adhair Inbhir Nis às ùr air an ath-mhìos.

Dhùin am port-adhair do sheirbheisean àbhaisteach aig deireadh a' Mhàirt.

Bhon uairsin, 's e seirbheisean riatanach a-mhàin a bha a' tighinn is a' fàlbh às a' phort-adhair.

Dh'innis EasyJet Diardaoin gun tòisich iad air corra sheirbheis à puirt-adhair na h-Alba a-rithist air an 15mh den Ògmhìos.

Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh cuid de sheirbheisean a' tòiseachadh às ùr bho Inbhir Nis, Dùn Èideann is Glaschu.

Ceumanan

Thuirt iad gum bi feum aig an luchd-obrach is luchd-siubhail air fad air masgaichean a chur orra, is thuirt iad gun tèid glanadh mionaideach a dhèanamh air plèanaichean.

Cha bhi biadh ri fhaighinn air bòrd idir.

Dh'innis Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean, HIAL, gu bheil iad air a bhith ag obair le companaidhean adhair air planaichean 'son seirbheisean a thòiseachadh nuair a thèid riaghailtean a' Choròna-bhìorais a thogail.

Thuirt HIAL gu bheil iad air siostam ùr glanaidh agus astarachadh sòisealta a chur an sàs.

Thuirt iad gu bheil iad misneachail gum bi iad deiseil cuid de sheirbheisean a stèidheachadh às ùr mean air mhean, ach gun lean iad stiùireadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba, is na h-ùghdarrasan slàinte.