Leasachadh turasachd san amharc an Sgìre na h-Àirde

  • Air fhoillseachadh
Caisteal DhùnaidhTùs an deilbh, Gordon Hatton / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.

Chaidh planaichean a chur air adhart 'son goireasan ùra do luchd-turais a stèidheachadh faisg air a' Mhanachainn.

'S i Anne Gloag, leis a bheil a' chompanaidh bhusaichean Stagecoach, a tha air cùl nam planaichean.

'S ann leatha a tha Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.

Tha i a' sireadh cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson 50 bothan fiodha a thogail, làrach glampachaidh, agus cafaidh.

Iarrtas

Thuirt a' bhuidheann Savills, a tha a' làimseachadh na cùis às leth Anne Gloag, gu bheil barrachd is barrachd dhaoine air a bhith a' tadhal air a' Mhanachainn is sgìre na h-Àirde.

Thog iad gu sònraichte air fàs na slighe rathaid NC500.

Thuirt iad gu bheil feum air barrachd àiteachan-fuirich, agus gun tigeadh buannachdan eaconomach dhan sgìre san fharsaingeachd às an leasachadh a tha seo.

Dh'fhailich roimhe le oidhirp cead-dealbhachaidh fhaighinn 'son leasachaidh ghoilf air Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh