Dròn ga chur a Mhuile
- Air fhoillseachadh

Tha deuchainnean gan dèanamh le dròn airson uidheamachd mheidigeach a chur a Mhuile às an Òban, 's dùil gun cuidich seo le deuchainnean airson a' Choròna-bhìorais.
'S e seo a' chiad dheuchainn dha leithid, 's b' fheudar cead iarraidh bho Ùghdarras an Itealaich Shìobhalta (an CAA).
Tha an dròn comasach air cuideam de 5kg a ghiùlan.
Bha dùil na deuchainnean a dhèanamh co-dhiù, ach chaidh na planaichean a thoirt air adhart air sgàth èiginn a' Choròna-bhìorais.
Cha toir an turas eadar an t-Òban agus an t-ospadal ann an Creag an Iubhair ach cairteal na h-uarach, agus tha dòchas aig a' cheann-thall gun gabh deuchainnean airson a' Choròna-bhìorais a chur a Mhuile, agus a thilleadh air ais, le dròn.
Sgìrean sgapte
Thuirt Stephen Whiston bho Chaidreachas Slàinte agus Obair Shòisealta Earra-Ghàidheal 's Bhòid, le bhith a' cleachdadh an teicneolais seo, gum bi iad comasach air dèiligeadh ri feumalachdan slàinte dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìrean iomallach nas luaithe.
Tha an fheadhainn a tha an sàs anns a' phròiseact ag ràdh gum faodadh an aon seòrsa rud a bhith air a chleachdadh airson seirbheisean slàinte a thoirt seachad ann am pàirtean eile de dh'Alba.
Thig an deuchainn gu ceann air a' 5mh là den Òg-mhìos.