Obair air "slighean sàbhailte" air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
BaidhseagalTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid bacaidhean eadar-amail a thogail air cuid de shlighean gus am faigh daoine air coiseachd neo a dhol air baidhseagal gu sàbhailte.

Tha obair a' tòiseachadh an t-seachdain seo air slighean nas fharsainge do luchd-coiseachd 's luchd-baidhseagail air a' Ghàidhealtachd gus an cùm iad ri riaghailtean a' Choròna-bhìorais.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr air £750,000 bhon stòras maoineachaidh Spaces for People aig Riaghaltas na h-Alba airson an obair a dhèanamh.

Thèid bacaidhean eadar-amail a thogail a leigeas le luchd-coiseachd 's luchd-baidhseagail astar a chumail bho chèile, gun iad fhèin a chur ann an cunnart.

Tha dòchas ann gum brosnaich e barrachd dhaoine gu bhith a' coiseachd neo a' dol air baidhseagal, rud a tha air fàs nas cumanta tron lockdown.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh