"Gabhaibh air ur socair nuair a dh'fhosglas goireasan ath-chuairteachaidh"
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine gun tadhal air ionadan ath-chuairteachaidh nan dròbhan nuair a thèid am fosgladh a-rithist.
Tha ionadan sgudail agus ath-chuairteachaidh air a bhith dùinte bho chaidh an lockdown a chur an sàs anns a' Mhàrt.
Tha dragh air a' Chomhairle ge-tà, gur ann a dh'fhaodadh na h-ionadan a bhith ro thrang nuair a dh'fhosglas iad a-rithist aig toiseach na h-ath-mhìos.
Thuirt Cathraiche Choimhearsnachdan agus Àitean na Comhairle, an Comh. Ailean MacEanraig, nach bi cùisean air ais chun àbhaist a' chiad ghreis, agus gum bi aca ri uairean fosglaidh a stèidheachadh a rèir 's na bhios aca de luchd-obrach aig gach àite.
Dh'iarr e air daoine gun a dhol ann mas urrainn dhaibh an stuth a th' aca a chumail gu sàbhailte aig an taigh.
Tha gearainean air a bhith mu dhaoine a bhith a' fàgail sgudail ann an àitean nach bu chòir bho chaidh na goireasan a dhùnadh.