Taic do mhuinntir Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
BarraighTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha diofar sheòrsaichean taice a dhìth air daoine tron lockdown

Tha Cobhair Bharraigh air a bhith a' cumail taic ri muinntir an eilein ann an diofar dhòighean bho thòisich èiginn a' Choròna-bhìorais.

Beagan làithean mus deach an lockdown a ghairm, dhùin iad an t-ionad aca, agus thòisich iad a' toirt taic do dhaoine nan dachannan fhèin.

Tha taic phractaigeach ga toirt seachad, leithid a bhith a' toirt biadh do dhaoine, agus a' toirt chungaidhean-leigheis thuca.

Tha iad cuideachd a' cur ri chèile stuthan mar gheamaichean a chumas inntinn dhaoine a' dol.

'S e a bhith a' fònadh gu daoine pàirt chudromach den obair sin, a rèir Mairead Anna Beggs a tha os cionn na buidhne.

"Sgith"

Thuirt i gu bheil na seann daoine a' fàs sgith de bhith leòtha fhèin, 's gun daoine a' tadhal orra mar a chleachd.

"Seo an t-àm a bhios teaghlach a' tighinn dhachaigh airson laithean-saora 's a h-uile sgath eile, 's tha sin a' cur dragh orra - gu leòr den na daoine seo, chan eil an t-eadar-liòn aca, chan eil rudan mar an Skype aca".

Thuirt i, leis a bheil an t-eilean gu ìre mhòir air a dhùnadh dheth an-dràsta, gu bheil daoine a' faireachdainn sàbhailte, ach gu bheil beagan iomagain orra mu na thachras nuair a theid na riaghailtean cuingealachaidh a thogail.

"Chan eil iad ag iarraidh an lockdown a thogail airson a h-uile duine tighinn dìreach aig an aon am".

Bha moladh aice cuideachd dhan dòigh anns a bheil a' choimhearsnachd air tighinn còmhla aig an àm dhuilich seo.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh