Coinneamh a' Bhùird air loidhne
- Air fhoillseachadh

Thèid coinneamh de bhòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a shealltainn air loidhne Dimàirt airson a' chiad uair riamh.
Dh'innis am Bòrd an t-seachdain seo chaidh gum biodh coinneamhan air an sruthadh beò don phoball bho seo a-mach.
Thuirt iad gu bheil an ceum seo a' sealltainn mar a tha iad airson a bhith fosgailte a thaobh na h-obrach aca.
Chaidh am bòrd a chàineadh ann an aithisg bho Àrd-Neach Sgrùdaidh na h-Alba an-uiridh.
Am measg nam puingean a thog Caroline Gardner, bha gum feum am Bòrd a bhith nas fhosgailte leis an t-sluagh.
Leasachadh
Thàinig tuilleadh càinidh bho Chomataidh an Sgrùdaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba, le aona bhall a' maoigheadh gum bu chòir do bhuill a' Bhùird agus manaidsearan a bhith air an cur às an dreuchdan mura biodh adhartas ann.
Gheall am Bòrd às dèidh làimh gu bheil iad a' toirt atharrachaidh air na dòighean obrach aca.
Bidh mar a tha iad ag obair gus na h-atharrachaidhean sin a chur an sàs air a' chlàr-ghnothaich Dimàirt.
Am measg chuspairean eile a thèid a dheasbad, bidh gu dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh suidheachadh a' Choròna-bhìorais a thoirt air a' Ghàidhlig.
Bidh a' chiad sheisean ann eadar 10m is 1f is an dàrna seisean eadar 2f is 3f.
Gheibhear an clàr-gnothaich agus ceanglaichean dhan choinneimh an seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An Cèitean 2020
- 17 Am Faoilleach 2020
- 13 An Dùbhlachd 2019