Dùghlas Ros air an Riaghaltas fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Dùghlas RosTùs an deilbh, Taigh nan Cumantan

Tha fear de bhuill-phàrlamaid a' Chinn a Tuath air a dhreuchd san Riaghaltas fhàgail ri linn na connspaid mu Dhominic Cummings.

Bha BP Mhoireibh, Dùghlas Ros, ann an dreuchd Fo-Rùnaire na Stàite airson Alba aig Westminster.

Ann am brath madainn Dimàirt, thuirt Mgr Ros nach robh e 'son beachd a thoirt seachad air suidheachadh Mhgr Cummings gus am biodh e air làn mìneachaidh a chluinntinn.

Dh'innis Mgr Cummings, àrd-chomhairleach a' Phrìomhaire, oidhche Luain mar a bha e air siubhal eadar Lunnainn is Durham nuair a bha riaghailtean glasaidh a' Choròna-bhìorais ann.

Bha iomagain air mu theaghlach, thuirt e, nuair a thàinig comharran Chovid-19 air a mhnaoi.

Tuigse

Thuirt e gun robh e den beachd gun robh an dol a-mach aige reusanta agus laghail.

Ach thuirt Dùghlas Ros, ged a bha e a' gabhail ris gur dòcha ann le deagh rùn a rinn Mgr Cummings an turas, gun robh e follaiseach gun robh tuigse eadar-dhealaichte aige air na riaghailtean na tha aig a' mhòr-chùid de dhaoine "a rinn mar a dh'iarr an Riaghaltas orra".

Mhìnich Mgr Ros gu bheil feadhainn san sgìre aige fhèin nach b' urrainn a bhith còmhla ri luchd-dàimh nuair a bha iad a' bàsachadh, is nach b' urrainn dhaibh tighinn cruinn aig tìodhlagaidhean.

Thuirt e nach urrainn dha innse dha na daoine sin gun robh iadsan uile ceàrr is gun robh àrd-chomhairleach dhan Riaghaltas ceart.

Sheall am BPA Gàidhealach Tòraidheach, Dòmhnall Camshron, taic do cho-dhùnadh Mhgr Rois.