Toll £100m aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi iad £100m gann air a' bhliadhna-ionmhais seo le buaidh a' Choròna-bhìorais.

Tha dragh air an ùghdarras cuideachd gum bi an t-suim nas motha buileach ma bhìos àrdachadh mòr eile ann an cùisean den bhìoras ro dheireadh na bliadhna, rud a tha cuid den bheachd a thachras.

Iarraidh iad cead bho Riaghaltas na h-Alba is Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte 'son dàil ann am pàigheadh nam fiachan a tha orra.

Thuirt ceannard buidseit an ùghdarrais, an Comh. Alasdair MacFhionghain, gur e suidheachadh dùbhlanach dha-rìribh a th' ann.

Dh'innis e gu bheil iad ag obair còmhla ri COSLA is riochdairean na sgìre ann an Dùn Èideann is Westminster feuch faochadh fhaighinn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh ris a' Chomh. Alasdair MacFhionghain.

"Chan eil sinn diofraichte bho fheadhainn aig a bheil morgaidsean is tha na bancaichean a' toirt mar a chanas iad 'payment holiday' dhaibh airson trì no sia mìosan," thuirt an Comh. MacFhionghain.

"'S e seo a tha sinn ag iarraidh, am b' urrainn 'payment holiday' a bhith againn 'son bliadhna no dhà.

"'S e pandemic a th' againn, 's e crisis a th' ann, is feumaidh sinn a bhith a' coimhead ri gach nì airson coimhead às dèidh na Gàidhealtachd," thuirt e.

Thuirt Mgr MacFhionghain gum bi a' Chomhairle a' coimhead air a h-uile rud a th' ann a thaobh sàbhalaidhean.

Dh'innis e ge-tà, gun dèan iad an dìcheall obraichean a dhìon.