Dùil ri fear sa chùirt air casaidean muirt
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun nochd fireannach, aois 23, ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Diluain air casaidean co-cheangailte ri bàs dithis fhireannach sa bhaile oidhche Dhiardaoin.
Tha e fo chasaid gun do mharbh e an dithis, 's gun tug e ionnsaigh air boireannach.
Chaidh ainmean an dithis a bhàsaich fhoillseachadh leis na poilis air an deireadh-sheachdain.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu seòladh air Rathad Bhaile an Lòin ann an sgìre Hilton de dh'Inbhir Nis mu 10:00f Diardaoin.
Dhearbh iad gun robh Dwayne Mac an Lèigh, a bha 28, agus Gary MacAoidh aois 35, air bàsachadh aig an làraich.
Chaidh neach eile, boireannach aois 27, a lorg san togalach agus i air a goirteachadh.
Chaidh a toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Thuirt teaghlach Dwayne Mhic an Lèigh gur e duine còir, coibhneil a bh' ann a bha a' tighinn beò airson a bhith a' seinn agus a' cluiche a' ghiotàir.
Thuirt na càirdean aig Gary MacAoidh gur e fear dòigheil, sona a bh' ann le ùidh mhòr ann a bhith a' leantainn Caley Thistle Inbhir Nis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An Cèitean 2020