Loganair a' fosgladh suas a-rithist
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh cuid de na seirbheisean adhair aig Loganair a-rithist Diluain, airson a' chiad uair bho thòisich suidheachadh a' Choròna-bhìorais.
Falbhaidh plèanaichean à Port-adhair Obar Dheathain gu ruige Bhirmingham gu làitheil, agus chun a' Chaisteil Nuaidh ceithir làithean san t-seachdain.
Tha a' chompanaidh an dòchas gum bi an t-seirbheis sin ann sia làithean san t-seachdain bho mheadhan an Iuchair - agus gum bi Southampton agus Exeter air a' chlàr-ama cuideachd.
Bidh riaghailtean glanaidh teann an sàs gus a bhith cinnteach gu bheil na seirbheisean sàbhailte.
'S iad Loganair as mòtha a th' air a bhith a' ruith sheirbheisean adhair anns an Rìoghachd Aonaichte bho chionn ghoirid, agus iad a' cumail seirbheisean a' dol airson muinntir nan eilean agus luchd na h-ola agus a' ghas.
Thuirt Port-adhair Obar Dheathain gu bheil dùbhlain mhòra mu choinneimh a' ghnìomhachais, ach gur e adhbhar dòchais a tha seo dhaibh.