Obair-lannsa àbhaisteach a' tilleadh
- Air fhoillseachadh

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Thathas ag ullachadh airson obair-lannsa àbhaisteach a thòiseachadh a-rithist aig ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Air feadh na dùthcha, chuireadh stad air obair-lannsa sam bith a bha san amharc - ach a-mhàin ann an èiginn - gus dèiligeadh ris an uallach a bha dùil a chuireadh an Coròna-bhìoras air ospadalan.
Ach le àireamhan a' bhìorais nas ìsle na bha dùil, tha NHS na Gàidhealtachd a-nis gus tòiseachadh a-rithist air obair-lannsa is eile, le clionaigean crìdhe air tòiseachadh mar thà ann an Gallaibh.