FAI Super Puma air loidhne

  • Air fhoillseachadh
Sarah Darnley, Gary McCrossan, Duncan Munro agus George Allison
Fo-thiotal an deilbh,
Bhàsaich ceathrar anns an tubaist ann an 2013

Thèid Rannsachadh Tubaist Bhàsmhor air tubaist heileacoptair Super Puma far an deach ceathrar a mharbhadh a dhèanamh air loidhne 'son 's nach bi maill a bharrachd ann.

Bha an Super Puma a' giùlain 18 duine nuair a thàinig e sìos faisg air Sumburgh ann an Sealtainn ann an 2013.

Chaidh Sarah Darnley, 45, à Eiliginn, Gary McCrossan, 59, à Inbhir Nis, Donnchadh Rothach, 46, à Bishop Auckland, agus Seòras Allison, 57, à Winchester, uile a mharbhadh anns an tubaist.

Iomagain

Bha còir FAI a dhol air adhart anns a' Chèitean ach b'fheudar a chur dheth ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Airson stad a chur air maill a bharrachd, thèid ro-èisteachd a chumail air loidhne Dihaoine an 5mh den Ògmhios airson ceann-là a chur air dòigh 'son rannsachadh slàn.

Thuirt an siorram airson Roinn a' Mhonaidh, na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Derek Pyle, gu bheil iomagain air a bhith air mun ùine a tha air a dhol seachad bhon a thachair an tubaist.

"A dh'aindeoin nan duilgheadasan, tha mi a' faireachdainn gum bu chòir ann rannsachadh a dhol air adhart air loidhne.

"Chaidh an t-uamhas a dhèanamh airson is gun tachradh seo 's tha mi a' toirt taing dha Oifis a' Chrùin, luchd-obrach na cùirte agus do na daoine a tha a' dol a bhith an sàs anns an FAI airson an saothair", thuirt e.