Chaidh euslaintich gu Home Farm ron sgeama deuchainn

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim

Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd gun deach còignear euslainteach a ghluasad às an ospadal gu Dachaigh-Cùraim Home Farm, ann am Port Rìgh, anns a' Mhàrt mus deach sgeama deuchainn an Riaghaltais a stèidheachadh.

Thàinig seo am follais às dèidh don BhPA Rhoda Ghrannd ceistean a chur air ceannardan an NHS.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd rithe gun deach còignear euslainteach gu Home Farm.

Chaidh innse gun deach sgrùdadh a dhèanamh mus deach na h-euslaintich a ghluasad agus gun robh piseach air tighinn air na bha de luchd-obrach anns an dachaigh-chùraim gu ìre a bha freagarrach.

Thuirt na ceannardan slàinte gun robh iad riaraichte gun deach dèiligeadh ris an trioblaid agus gun deach na h-euslaintich ùra an uairsin a chur ann.

Thuirt iad gun deach an casg a chur an sàs a-rithist nuair a nochd amharas mu chùis den Choròna-bhìoras anns an àite.

Chaochail deichnear den luchd-còmhnaidh leis a' bhìoras.

'Adhbhar dragh'

Thuirt am BPA Rhoda Ghrannd gu bheil e na adhbhar dragh gun deach casg a thogail air euslaintich a bhith a' gluasad gu Dachaigh-Cùraim Home Farm agus Covid-19 ma sgaoil anns an dùthaich aig an àm.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd dhan a' BhBC gu bheil iad a' moladh gum fuirich daoine a thèid a ghluasad gu dachaigh-cùraim bhon ospadal fa-leth airson cola-deug.

Thuirt iad gu bheil casg air duine a ghluasad gu dachaigh-cùraim aon uair 's gu bheil dearbhadh air Covid-19 san àite.

Dh' innis iad gun deach an t-euslainteach mu dheireadh a chur gu Home Farm aig deireadh a' Mhàirt, leis a' Choròna-bhìoras air a dheabhadh san dachaigh aig deireadh a' Ghiblein.