Chaidh euslaintich gu Home Farm gun deuchainn 'son Covid-19

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-Chùraim Home Farm

Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd gun deach còignear euslainteach a ghluasad bhon ospadal gu Dachaigh-Chùraim Home Farm san Eilean Sgitheanach sa Mhàrt gun deuchainn a bhith air a dèanamh orra.

Bhàsaich deichnear euslainteach san dachaigh-chùraim an dèidh do Chovid-19 a thighinn orra.

Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd cuideachd gun deach mòr-rannsachadh a dhèanamh an-uiridh aig an dachaigh-chùraim agus dragh mu chùram an luchd-còmhnaidh.

Thèid èisteachd a chumail a-màireach aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis mu bhith a' toirt cead air falbh bhon chompanaidh aig a bheil i, HC-One, a bhith ga ruith tuilleadh.

Smachd bhannan

Thàinig am fiosrachadh mun chòignear euslainteach am bàrr an dèidh dhan bhall-pàrlamaid Albannach airson sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, ceistean a thogail mun chùis.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd dhi gun deach na h-euslaintich a ghluasad goirid an dèidh do smachd-bhannan a bha air an dachaigh-chùraim airson uireasbhaidhean a thogar roimhe a bhith air an togail.

Chuir na smachd-bhannan stad air an dachaigh-chùraim bho a bhith a' gabhail luchd-còmhnaidh ùir - ach chaidh co-dhunadh gu robh àireamh an luchd-obrach air a dhol suas gu ìre fhreagarrach.

Thuirt ceannardan slàinte gu robh iad sàsaichte gun deach dèiligeadh ris an duilgheadas.

Deuchainnean

Cha deach deuchainnean airson Covid-19 a dhèanamh air a' chòignear euslainteach leis nach robh e mar phoileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt a bhith a' dèanamh dheuchainnean air euslaintich a bhathar a' gluasad a-mach à ospadalan gu dachaighean-cùraim.

Thuirt Rhoda Ghrannd gu bheil tòrr cheistean ann mu shuidheachadh Home Farm.

"Seo dachaigh-chùraim a bha dùinte do dh'euslaintich ùra agus tha e duilich faicinn dè a tha air atharrachadh, ach a-mhàin am pandemic a leig le daoine so-leònta a bhith air an cur fon cùram," thuirt i.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' moladh gun tèid euslainteach sam bith a thathas a' gluasad bho ospadal gu dachaigh-chùraim a chumail air leth bho chàch fad ceala-deug.

Cho luath sa tha Covid-19 a' nochdadh ann an dachaigh-chùraim tha an t-ionad ga dhùnadh sa bhad do dh'euslaintich ùra, thuirt iad.

'S ann aig deireadh a' Mhàirt a chaidh an t-euslainteach mu dheireadh a chur gu Dachaigh-Chùraim Home Farm.

Dhearbh an dachaigh-chùraim aig deireadh a' Ghiblein gu robh Covid-19 san ionad agus chaidh innse aig toiseach a' Chèitein gu robh e air sgaoileadh am measg grunn dhaoine.

Mòr-rannsachadh

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd cuideachd gun deach mòr-sgrùdadh a dhèanamh sa Chèitean 2019 fo mhodhanan Taic agus Dìon Inbhich (ASP).

Bha seo an dèidh do luchd-sgrùdaidh a' chùraim tadhail air an dachaigh-chùraim agus dragh a thogail mu shàbhailteachd agus fallaineachd an luchd-còmhnaidh.

Chaidh co-dhunadh san Ogmhìos 2019 gun deach adhartas gu leòr a dhèanamh airson an rannsachadh a thoirt gu ceann.

Cha deach càil mun sgrùdadh seo innse innse do theaghlaichean an luchd-còmhnaidh.

Tha tè aig a bheil piuthar san dachaigh-chùraim air an robh Covid-19 a-nis air sgrìobhadh gu Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, 's i a' gearain nach eil teaghlaichean a' faighinn fiosrachaidh no freagairtean dòigheil mu na tha air a bhith a' dol air adhart ann an Home Farm.

Thuirt Fay NicThòmais gun d'fhuair i a-mach gu robh cùis den Choròna-bhìoras aig an dachaigh-chùraim an dèidh dhi leughadh mu dheidhinn air duilleag Facebook neach sa sgìre air an 27mh den Giblean, an àite fios fhaighinn bhon dachaigh-chùraim no NHS na Gàidhealtachd.

"Tha e do-chreidsinneach. Ach as dèidh grunn sheachdainnean tha thu a' fàs cleachte ris," thuirt i.