Moladh cead a thoirt do loidse mhòr riaghladair Dhubai
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach Dimàirt air an iarrtas às ùire bho riaghladair Dhubai airson loidse mòr a thogail air an oighreachd aige ann an Inbhir Ìonaid ann an Cinn Tàile.
Seo an treas turas a dh'fheuch Sheikh Mohammed Bin Rashid Al Maktoum ri cead fhaighinn airson taigh a thogail.
Chuir mòran dhaoine san sgìre an aghaidh a' chiad dà iarrtais aige.
Tha oifigearan dealbhachaidh a' moladh cead a thoirt dhan fhear seo.
Tha Ruairidh MacLeòid, a tha a' fuireach ri taobh far a bheilear airson an loidse ùr a thogail, ag ràdh gum biodh an togalach fada ro fhaisg air agus ro mhòr airson far am bi e.
Tha e ag ràdh gu bheil e fhèin agus feadhainn eile a tha an aghaidh na sgeama a' faireachdainn nach eil luchd-dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd ag èisteachd riutha.
"Bha 30 tagradh ann na aghaidh. Cha robh iad uile bho dhaoine a tha a' fuireach ann an Inbhir Ìonaid, ach bha iad bho dhaoine a tha eòlach agus a tha a' gabhail cùraim mun sgìre.
"Chan eil luchd-dealbhachaidh air dèiligeadh ri gin de na draghan a chaidh a thogail, cho fad 's a tha mise a' tuigsinn co-dhiù," thuirt e.