Dàibhidh Stiùbhart a' fàgail Holyrood

  • Air fhoillseachadh
Dàibhidh Stiùbhart BPATùs an deilbh, Pàrlamaid na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Dàibhidh Stiùbhart BPA

Dh'innis am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Dàibhidh Stiùbhart, gu bheil e a' fàgail Holyrood aig an ath thaghadh.

Tha Mgr Stiùbhart air a bhith na bhall air Comhairle na Gàidhealtachd, na Bhall-Pàrlamaid aig Westminster agus na Bhall-Pàrlamaid Albannach.

Bidh e 65 an là ron ath thaghadh do Phàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna.

Thuirt e gu bheile a' faireachdainn, an dèidh grunn bhliadhnaichean a' riochdachadh Inbhir Nis agus na sgìre mun cuairt, gu bheil an t-àm ceart dha cothrom a thoirt do dhuine eile.

"Tha an t-àm ann an t-àrd-ùrlar fhàgail agus leigeil le neach nas òige m' àite a ghabhail," thuirt e.

"Bha mi riamh a' creidsinn gur e seo an obair as fheàrr an Alba, a' riochdachadh na sgìre agam fhèin, far an do rugadh mi, 's tha gaol agam, gu follaiseach air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan.

Fuil Ùr

"Ach gu follaiseach chan urrainn sin leantainn gu bràth, agus bha mi riamh den bheachd gu bheil fuil ùr cudromach ann an obair sam bith.

"Ach saoilidh gu bheil mi a' cur a' bheachd sin an gnìomh le bhith a' seasamh sìos an ath-bhliadhna.

"Tha e air a bhith mìorbhaileach trì teirmean a bhith agam am Pàrlamaid na h-Alba, dà theirm ann an Westminster, agus 's trì teirmichean dioftaichte mar Chomhairliche," thuirt e.

B' e Mgr Stiùbhart a' chiad BhP Làbarach a riochdaich an t-seann roinn-taghaidh Inbhir Nis an Ear, Inbhir Narann agus Loch Abar ann an 1997, a' dùblachadh a mhòr-chuid ann an 2001, mus do chaill e a sheat ri Danny Alexander aig na Lib-Deamaich ann an 2005.

Ann an 2007 chaidh e an sàs ann am poileataigs a-rithist, na BhPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean air an liosta roinneil, far a bheil e air a bhith bhon uair sin.