Dùil ri buannachd £8bn bho thuathan-gaoithe aig muir

  • Air fhoillseachadh
Tuath-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Tuath-gaoithe

Thig obair is cosnadh luach £8bn an lùib leasachadh thuathan-gaoithe aig muir mu chladaichean na h-Alba, a rèir Oighreachd a' Chrùin.

Tha an Oighreachd air 17 sgìrean a chomharrachadh ann an uisgeachan na h-Alba a dh’fhaodas luchd-leasachaidh fhaighinn air màl airson tuathan-gaoithe a thogail.

Tha Oighreachd a' Chrùin an Alba cuideachd a' cur riaghailtean às ùr air luchd-leasachaidh airson toirt orra obair a chur a ghàrraidhean-togail agus ghnothachasan na h-Alba.

Tha aon làrach far Ìle, aonan eile a-mach bho thaobh siar Leòdhais, tèile faisg air Sùlasgeir agus aonan eile eadar Nis ann an Leòdhas agus am Parbh.

Tha a' mhòr-chuid de na làraichean sa Chuan a Tuath, agus aig doimhne a dh’fheumas crainn-ghaoithe a bhith air bhog air uachdar na mara, seach a bhith nan seasamh air a' ghrunnd.

Cruthaichidh seo dealan gu leòr dhan a h-uile dachaidh an Alba, agus cuidichidh e amasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh dìon na h-àrainneachd a choileanadh.

Thuirt Rùnaire a' Chumhachd 's nan Eilean, Pòl Wheelhouse, gun cuidich seo a thuilleadh air sin le ath-bheòthachadh na h-eaconomaidh às dèidh Chovid-19.