Dàil cola-deug air cùis-chùirte Dachaigh-Chùraim Home Farm

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-Chùraim Home Farm

Chuir Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis dàil airson cola-deug ann an co-dhùnadh air Dachaigh-Chùraim Home Farm ann am Port Rìgh.

Tha deichnear den luchd-còmhnaidh air bàsachadh le Covid-19 agus dh'iarr luchd-sgrùdaidh a' chùraim cead an goireas a ruith a thoirt bhon chompanaidh HC-One.

Cho-dhùin a' chùirt air a' mhìos seo chaidh HC-One fhàgail os cionn na dachaigh airson ùine gus am biodh èisteachd ann air an 10mh den Ògmhios.

Thuirt Coimisean a' Chùraim gun do rinn iad follaiseach sa chùirt Diciadain gun cumadh iad orra còmhla ri NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas a mhothaich iad a rinn Home Farm.

Thuirt iad gun robh iad a' cumail sùil gheur air suidheachadh na dachaigh agus gum biodh iad a' dol ann tric a dh'fhaicinn an robh piseach a' tighinn air modhan obrach.

Tillidh a' chùis dhan chùirt air an 24mh den Ògmhios.

Ann am brath-naideachd thuirt NHS na Gàidhealtachd gun leanadh iad orra a' sgrùdadh an t-suidheachaidh aig Home Farm, agus gum bi riochdairean aca an sàs air an làraich airson dèanamh cinnteach gum bi an t-adhartas ann an cùram an luchd-còmhnaidh maireannach.

Sgrìobhaidh HC-One agus NHS na Gàidhealtachd gu luchd-còmhnaidh agus an càirdean airson fios a chumail riutha mu chùisean.