Kettlewell na mhanaidsear air Ross County

  • Air fhoillseachadh
Stuart Kettlewell agus Steafan Fearghasdan.Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Stuart Kettlewell (air an làimh chlì) dol a bhith na Mhanaidsear le Steafan Fearghasdan (air an làimh cheart) a' gabhail dreuchd an Àrd-oifigeir.

Dh'innis Ross County gu bheil Stuart Kettlewell air obair a mhanaidsear a ghabhail leis fhèin aig a chluba, air thoiseach air an ath sheusan.

Gluaisaidh Steaphan Fearghastan a bha na chò-mhanaidsear roimhne seo, gu dreuchd an àrd-oifigeir.

Chaidh an dà chuid Stuart Kettlewell agus Steafan Fearghastan ainmeachadh mar chò-mhanaidsearean anns a' Mhàrt 2018.

Bha sin às dèidh do Owen Coyle an dreuchd fhàgail agus County nan suidhe aig bonn Prìomh Lìog na h-Alba.

Cothroman

Cha robh Coyle, a bha roimhe na mhanaidsear aig clubaichean a leithid Burnley agus Bolton Wanderers, ach air 4 geamaichean a-mach à 22 a bhuannachadh na linn os cionn na Staggies.

Ged nach robh iad ach 3 puingean air dhèireadh aig a bhonn aig an àm, cha b'urrainn do Chounty air puingean gu leòr a thogail ro dheireadh an t-seusain gus Partick Thistle a ghlacadh.

Mar sin, thuit iad dhan an Championship airson a chiad turas ann an 6 bliadhna.

'S dòcha nach robh dùil ann gum b'urrainn do Kettlewell agus Fearghastan àite a chluba sa phrìomh lìog a' shàbhaladh, ach ghèibheadh iad an cothrom air an ath sheusan an toirt air ais ann.

Gu dearbha bhon an latha sin nuair a chaidh iad sìos, tha àm an ìre mhath soirbheachail air a bhith aig manaidsearan na Staggies.

Tha fìos aig mòran a tha leantainn ball-coise na h-Alba mu cho duilich sa tha e faighinn a mach às ann Championship.

Cruth na farpais

Dh'fhailich e air Rangers agus air Hibs faighinn as grunn thursan anns na bliadhnaichean roimhne sin.

A dh'aindeoin cuideam bho Dundee United a bha iad fhèin a strì gus faighinn air ais chun a phrìomh lìog, 's ann aig mullach an Championship a chuir Ross County seachad a chuid as motha dhen an ath sheusan.

Agus 's ann aig mulach an lìog a bha iad an oidhche a rinn iad a chùis air Queen of the South 4 tadhail gu 1 ann an Inbhir Pheofharainn gus an lìog a ghlèidheadh agus an duais a thogail air beulaibh an luchd-taic aca fhèin.

Roimhne sin ge ta, bha iad air a bhith soirbheachail ann am farpais eile às dèidh geama a bhuannachadh a bha iongantach ann an iomadach dòigh.

Airson a chiad turas bho chaidh cruth na farpais atharrachadh, bha sgioba bho thaobh a muigh na h-Alba a farpais ann an cuairt dheireannach Cupa Dùbhlan na h-Alba.

'S iad an sgioba Cuimreach, Connah's Quay Nomads a bhiodh an aghaidh na Staggies airson an duais - an sgioba a chuireadh Cille Mheàrnaig às Lìog Europa beagan mhìosan às dèidh sin.

Làidir

Bhiodh sgioba Kettlewell agus Fearghastan ro làidir dhaibh air an latha sin ge ta, a' tighinn am bàrr 3 tadhail gu 1.

Mur a robh iad air an dòigh co-dhiù gun robh an sgioba aca air a chiad duais a bhuannachadh bho ghlèidh iad Cupa an Lìog ann an 2016, chòrdadh e ris an luchd-taic gun deachaidh an duais a bhuannachadh air pàirce nan nàimhdean aca ann an Inbhir Nis.

Dà dhuais aig an dithis mhanaidsear anns a chiad sheusan slàn aca aig an stiùir agus ball-coise aig an ìre as àirde a' tilleadh chun na Gàidhealtachd.

Nuair a chaidh crìoch a chuir air an t-seusan 'sa ri linn a choròna-bhìorais, bha County san deicheamh àite, gam fàgail anns a phrìomh lìog nuair a bhitheas làn smachd aig Kettlewell air an sgioba airson a chiad turas.

Ga chuideachadh, bi Richie Brittain na leas mhanaidsear, agus Don Cowie na choidse, le Steaphan Fearghastan fhathast a' cumail sùil air gnothaichean san fharsaingeachd.

Ann am brath-naidheachd thùirt a chluba gu bheilear ann an suidheachadh nas làidire a nise gus dèiligeadh le na dùbhlain a tha air a bhith ann bho chionn ghoirid, agus na dùbhlain a bhitheas mun coinneamh san àm ri teachd.