80 bliadhna bho St Valery

  • Air fhoillseachadh
PìobaireTùs an deilbh, PA Media

Thathas a' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna ann bhon bhaiteal aig St Valery-en-Caux far an deach am 51st Highland Division a ghlacadh le na Gearmailtich.

Bha an Division, a bh' air a tharraing bho am measg choimhearsnachdan na Gàidhealtachd 's nan Eilean, còmhla ri feachdan bho rèiseamaidean Sasannach a' sabaid nan Gearmailteach le taic bho Arm na Frainge.

Bha an còrr de dh'Arm Bhreatainn mar thà, air an togail far na tràighean aig Dunkirk eadar an 26mh den Cheitean agus an 4mh den Ògmhìos.

Bha planaichean airson am 51st a thoirt a-mach à St Valery 's air ais a Bhreatainn mar a rinneadh aig Dunkirk, ach ri linn duilgheadasan co-òrdanachaidh, dh'fhailich sin agus bha iad air a ghearradh dheth le na Gearmailtich.

Bha iadsan air na sgeirean àrd timcheall a' phort bheag, 's bha e foilleasach gum biodh iad air sgrios a dhèanamh air na saighdearan Breatannach.

Bha dùil aig am Mèidsear-Sheanalair Victor Fortune, gum biodh cothrom aca faighinn a-mach tron oidhche air an 11mh den Ògmhìos, ach bha ceò tiugh ann 's cha robh e comasach dha na bàtaichean conaltradh ri chèile.

Prìosanaich

An dèidh sabaid chruaidh, le taic bho shaighdearan Frangach, air madainn an 12mh den Ògmhìos 1940, cho-dhùin am Mèidsear-Sheanalair Fortune, gum bu chòir gèilleadh ris na feachdan Gearmailteach fon t-Seanalair Erwin Rommel - fear a bha gu bhith gu math ainmeil mus biodh an cogadh seachad.

Bha an Fhraing air gèilleadh gu h-oifigeil ris na feachdan Gearmailteach air a' mhadainn sin.

Ged a fhuair airm na Frainge droch ainm aig cuid airson a bhith gèilleadh, thuirt an saighdear agus sgrìobhadair Uibhisteach, Dòmhnall Iain Dòmhnallach, no Dòmhnall Iain Dhonnchaidh a sgrìobh "Fo Sgail a Swastika" :

"Bha a' mhòr-chuid den Arm Fhraingeach cho dìleas, daingeann sa tha a' bhàirneach ris a' chreig".

Ach bha còrr is 10,000 saighdear bhon a 51st a-nise nam prìosanaich-cogaidh.

Rinn iad air a' Ghearmailt tron a' Bheilg còmhla ri saigheadairean eile a bha nam prìosanaich agus air adhart le cuid aca dhan a' Phòlainn.

Bha na mìltean a' caismeachd pìos mòr den t-slighe no a' dol air trèanaichean a bha còir beathaichean a tharraing.

Boireanaich

Bhiodh cuid a bhoireanaich 'sa Bheilg a' seasamh ri taobh an rathaid a' feuchainn ri uisge is aran a thoirt dhaibh, ach bhiodh na geàird a' cur stad orra.

Fhuair aig 290 saighdear teicheadh fhad's a bha iad air a' chaismeachd, agus fhuair iad air ais a' Bhreatainn ro dheireadh an Ògmhìos 1941.

Bha 134 dhiubh sin bhon a 51st.

Ach airson a' mhòr-chuid, chuir iad an còrr den Dàrna Chogadh seachad ag obair gu cruaidh ann am mèinnean salainn is eile.

A dh'aindeon a' chruaidh-chàis anns an robh iad bha spiorad nan Gàidheal làidir agus bha ceòl, òrain is bàrdachd na phàirt de sin.

Ridhle

Chaidh an dannsa 'The Reel of the 51st Highland Division' a chruthachadh le Lieutenant J.E.M. 'Jimmy' Atkinson fhad's a bha e anns a' chàmpa.

Aig deireadh 1944 bha na Ruiseanaich a' dèanamh a' chùis air na Gearmailtich, ach an àite a bhith a' saoradh nam prìosanach-cogaidh, thug na Gearmailtich air 80,000 saighdear bhon a' cho-bhanntachd, caismeachd còrr is 1,000 mìle às a' Phòlainn, tron Ghearmailt agus Czechoslovakia.

Bha an t-sìde uamhasach le sneachd is fuachd 's cha robh aodach freagarrach no biadh ceart aig na prìosanaich.

Bha an t-slàinte aca air bristeadh, le mòran a' fulang le dysentry is jaundice orra.

Mar sin bhàsaich mòran dhiubh.

Chaidh iad an saoradh ann an 1945, le na feachdan Gearmailteach a' gèilleadh ri Airm nan Stàitean Aonaichte is Breatainn.

Ged a tha an Lockdown airson suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' fàgail gu bheil comharrachadh san dòigh àbhaistich do-dhèante aig an àm seo, tha dùil gun seas còrr air 450 pìobaire air feadh na h-Alba agus ann an dùthchannan eile air an stairsnich fhèin aig 10:00m a sheinn a' phuirt Heroes of St Valery, a chaidh a chumadh leis a' Mhèidsear Phìoba Dòmhnall MacIllEathain à Leòdhas, an dèidh dha a dhol na phrìosanach.

Bidh a' Mhòrachd Rìoghail Diùc Bhaile Bhòid a' comharrachadh an là le pìobaire aig Birkhall.