Drochaid ùr Champas Inbhir Nis a' fosgladh

  • Air fhoillseachadh
Drochaid ùr Champus Inbhir NisTùs an deilbh, HIE
Fo-thiotal an deilbh,
Nuair a tha lockdown Covid-19 seachad, bidh an drochaid fosgailte do bhusaichean cuideachd, ged nach bi do chàraichean is tacsaidhean.

Tha drochaid ùr a nì ceangal eadar Campas Inbhir Nis is Pàirce Bhùithean is Gnothachais a' bhaile a' fosgladh Dihaoine.

Chosg an drochaid ùr còrr is £3m.

Tha an drochaid ùr stèidhichte aig ceann a tuath Làrach Inbhir Nis.

Tha i a' dol tarsainn air an loidhne-rèile eadar Inbhir Nis is Peairt is a' dèanamh ceangal eadar an campas agus Pàirce Bhùithean is Gnothachais Inbhir Nis.

Piseach

Fosglaidh an drochaid Dihaoine do luchd-coiseachd, luchd-baidhseagail, luchd-sgùtair is daoine ann an caththraichean-cuibhle.

Nuair a tha lockdown Covid-19 seachad, bidh i fosgailte do bhusaichean cuideachd, ged nach bi do chàraichean is tacsaidhean.

'S iad HIE a tha os cionn obair leasachaidh Champas Inbhir Nis.

Thuirt Ruairidh MacNeìll bhon bhuidhinn gun toir an drochaid piseach air ceanglaichean "uaine" dhan làraich.

Thuirt e gu bheil HIE an dùil is an dòchas gum bi an drochaid feumail cuideachd do luchd-obrach an NHS a tha a' dol eadar Ospadal an Rathaig Mhòir agus oifisean an NHS ann am Pàirce Gnothachais Scrìodan-sgràd (Stoneyfield).