Sruth na Maoile a' coisinn duais aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

  • Air fhoillseachadh
Seán Ó hÉanaigh agus Mairi Anna NicUalraig

Bhuannaich Sruth na Maoile an duais airson a' phrògraim chiùil as fheàrr air an rèidio aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach oidhche Dhiardaoin.

Dh'fhàg staing a' Choròna-bhìorais gun deach fèis na bliadhna a chumail air-loidhne airson a' chiad turas, tro chuirm a chraoladh beò air na meadhanan-sòisealta.

Bha còir aig an fhèis a bhith ann an Quimper sa Bhreatainn Bhig, ach bidh i ann an sin an ath-bhliadhna.

Bha grunn phrògraman bho Radio nan Gaidheal agus BBC Alba air a' gheàrr-liosta airson duaisean, bho Mìre ri Mòir aig a' Mhòd, Beag air Bheag, agus Bailtean fo Bhròn - prògram mu bhuaidh chall na h-Iolaire air sgìr' Ùige agus Beàrnaraigh, am measg eile, ach cha do shoirbhich ach le aon.

25 bliadhna

Bhuannaich Sruth na Maoile an duais airson a' phrògraim chiùil as fheàrr air an rèidio.

Tha am prògram air a chraoladh an dà chuid air Radio nan Gaidheal agus air seirbheis Gaelige na h-Eireann, RTE, agus tha e air a' lìbhrigeadh le Mairi Anna NicUalraig agus Seán Ó hÉanaigh.

Bhathar a' comharrachadh 25 bliadhna bhon a thòisich e am bliadhna.

Chaidh duais stèisean na bliadhna a bhuileachadh air RTE Radio 1 ann am Poblachd na h-Eireann.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh