Iarrtas 'son taic do ghnothachasan na h-Aghaidh Mòire

  • Air fhoillseachadh
Loch MorlichTùs an deilbh, Geograph/Walter Baxter

Bu chòir barrachd taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd san Aghaidh Mhòir, a rèir fear a tha gu mòr an sàs ann.

Thàinig an t-iarrtas bho Mike Gale, aig a bheil grunn ghnìomhachasan cur-seachadan a' bhlàr a-muigh, an dèidh na naidheachd gum faodadh gun caill 1,800 luchd-obrach MacDonald Hotels an cosnadh.

Tha 2,200 luchd-obrach aig a' bhuidhinn air feadh na Rìoghachd Aonaichte an-dràsta.

Thuirt Mike Gale gu bheil gnothachasan turasachd air a bhith a' fulang gu mòr bho dhùin rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm.

"Tha sin a' toirt buaidh mhòr oirnne tron gheamhradh.

"Tha sinn air an t-samhradh-sa a chall an ìre mhath.

"Nì sinn na 's urrainn dhuinn de dheireadh an t-samhraidh," thuirt e.

Thuirt Mgr Gale gun robh gnothachasan na sgìre cleachdte ri dùbhlain, ach gun robh Covid-19 air cùisean a dhèanamh gu math nas duilghe dhaibh agus gu robh iad a' cur feum air cuideachadh.

Tha Mgr Gale ag ràdh nach eil na gnothachasan aige air tabhartasan fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus gum feum iad fosgladh a-rithist.

"Tha dragh oirnn mun bhuaidh seo san ùine ghoirid, ach tha a' bhuaidh san ùine fhada gu bhith nas miosa buileach," thuirt e.