Caillidh luchd-obrach thaighean-òsda an Inbhir Nis an cosnadh

  • Air fhoillseachadh
Taigh-òsta KingsmillsTùs an deilbh, Kingsmills Hotel

Dh'innis taighean-òsda Kingsmills agus Ness Walk ann an Inbhir Nis don luchd-obrach gun tòisich iad obair anabarrachd a dh'aithghearr.

Chan eil fios aig an ìre-sa cia mheud neach air an toir seo buaidh.

Chaidh fios a chur gu luchd-obrach mus tàinig an naidheachd bho Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir do ghnìomhachas na turasachd ullachadh gus tòiseachadh a-rithist meadhan an Iuchair.

Ma thachras sin, tha dòchas ann nach caill na h-uidhear an cosnadh.

Thuirt Tony Story, Àrd-Oifigear Bhuidheann Thaighean-Òsda Kingsmills, nach urrainn dha dearbhadh aig an ìre seo cia mheud cosnadh a bhios air a ghearradh.

"Mura dèan mi càil an-dràsta dh'fhaoidte nach bi a' chompanaidh buan an ceann beagan mhìosan. Tha mi duilich a ràdh gun caillear obraichean.

"Chan eil fhios agam dè tha romhainn ach tha amharras orm nach bi cùisean air ais mar a bha iad san ùine ghoirid; bheir sin ùine.

"Mar às àbhaist aig an àm seo dhen bhliadhna tha an t-uabhas dhaoine bho thall thairis a' fuireach còmhla rinn.

"Cha tachair sin am bliadhna agus, mar sin, tha sinn ag iarraidh air daoine a tha a' fuireach am Breatann thighinn air saor-làithean chun na Gàidhealtachd agus spionnadh a thoirt dhan ghnìomhachas."