Aiseag Armadail gus seòladh às ùr an ath-mhìos

  • Air fhoillseachadh
MV Coir Uisg

Chuir buidheann coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach fàilte air a naidheachd gun tòisich seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal an-rithist an ceann mìos.

Sguir an t-seirbheis sa Mhàrt mar phàirt den atharrachadh a thug CalMac air na seirbheisean aca ri linn an lockdown.

'S e seo aon de na seirbeisean as trainge a tha aig CalMac a thaobh àireamhan luchd-siubhail agus cairteal de mhillean duine ga cleachdadh an-uiridh.

Thuirt Ruairidh Moireach aig Urras Coimhearsnachd Shlèite gu bheil iad toilichte cluinntinn gum bi an t-aiseag a' seòladh thar Linne Shlèite meadhan an Iuchair.

"Tha sin dol a dhèanamh feum mhòr dhan sgìre seo oir tha sinn a' crochadh gu mòr air obair turasachd," thuirt e.

Slàinte is sàbhailteachd

Tha dragh ann ge-tà am-measg choimhearsnachdan a th' air glè bheag de chùisean de Chovid-19 fhaicinn gum faodadh an galar sgapadh tro dhaoine a bhith a' tadhal air na sgìrean aca.

A rèir an data nàiseanta às ùire tha an àireamh R, an ìre aig a bheil an galar a' sgapadh, a' tuiteam agus a-nis eadar 0.6 agus 0.8.

Thuirt Mgr Moireach nach biodh iad ag iarraidh gun tadhal daoine air an sgìre mura bi am bhìoras air an t-slighe a-mach.

"'S e slàinte is sàbhailteachd an rud as motha a dh'fheumas a bhith na ar n-aire agus mura h-eil am bhìoras a' dol sìos chan eil sinn ag iarraidh daoine tadhal air an sgìre a-muigh neo a-mach.

"Chan eil cùis air a bhith anns an sgìre againn cho fad agus 's aithne dhuinn agus tha sinn airson 's gum fuirich e mar sin.

"Ma 's e agus gu bheil fuasgladh a' dol a thighinn air na h-aiseagan feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach tig an galar an cois sin," thuirt e.

Turasachd

Tha mòran ghnìomhacasan turasachd sa sgìre iomagaineach agus iad a' call a-mach air obair a bhiodh aca gu h-àbhaisteach aig an àm seo dhen bhliadhna.

"Saoilidh sinn nan tigeadh piseach air cùisean bho mheadhan na h-ath-mhìos, bheireadh sinn beagan de thogail dhaibh," thuirt Mgr Moireach.

"'S e seo aon dhe na slighean as trainge aig CalMac agus 's e sin a tha a' cumail cosnaidh ri daoine sa sgìre seo agus mura till sin air ais eadar seo agus deireadh na bliadhna bidh sinn ann am fìor staing a thaobh ionmhais agus cosnaidhean," thuirt e.