Cùmhnant Robasdain air a leudachadh gu 2023

  • Air fhoillseachadh
John RobertsonTùs an deilbh, SNS

Dh'aontaich Iain Robasdan ri leudachadh dà bhliadhna air a' chùmhnant aige mar mhanaidsear air Caley Thistle Inbhir Nis.

Tha e a' ciallachadh gum bi Robasdan os cionn na sgioba suas gu deireadh seusan 2022/23.

Bha e na mhanaidsear an toiseach air ICT eadar 2002 agus 2004 nuair a stiùir e an cluba dhan Phrìomh Lìog airson a' chiad turas.

Thill e ann an 2017 agus thog an sgioba Cupa Dùbhlan na h-Alba sa chiad seusan aige air ais.

Bha ceangal ga dhèanamh eadar Robasdan agus an dreuchd aig Hearts far an robh e na chluicheadair agus manaidsear roimhe.

Amas

"Thill mi a dh'Inbhir Nis leis an amas faighinn air ais suas dhan Phrìomh Lìog," thuirt Robasdan.

"Tha fios agam gu bheil sinn a' gluasad nas fhaisge air a bhith a' coileanadh sin.

"Cumaidh mi orm a' dèanamh mo dhìchill airson an sgioba a thilleadh chun na h-ìre as àirde ann am ball-coise na h-Alba agus tha mi a' dèanamh fiughair ri faighinn na balaich air-ais air a' phàirce trèanaidh," thuirt e.

Chrìochnaich Caley Thistle san dàrna àite san Championship air an t-seusan 's a chaidh a bh' air a ghiorrachadh air sgàth a' Choròna-bhìorais.

Bha cothrom ann gum biodh iad sa Phrìomh Lìog an ath sheusan leis gun deach iarraidh air clubaichean innse an cuireadh iad taic ri Prìomh Lìog le 14 sgiobaidhean.

Chaidh dearbhadh Diluain ge-tà nach robh gu leòr taic ann airson an leithid.