Am Pàipear Beag gus tilleadh
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich gun tèid am pàipear a chur an clò a-rithist bhon Lùnastal.
Bha am Pàipear Beag air innse sa Ghiblean gun robh iad a' dol a sgur a dh'fhoillseachadh a' phàipeir rè ùine ri linn staing a' Choròna-bhìorais.
Tha e air a bhith ri fhaighinn air loidhne bhon uairsin.
Bhathas an dòchas an toiseach am pàipear fhoillseachadh a-rithist aig toiseach an Ògmhios.
Duilgheadasan
Dh'innis iad air a' mhìos seo chaidh ge-tà, nach biodh e comasach am pàipear a chur an clò a-rithist chun an Lùnastail.
Thuirt am manaidsear-stiùiridh, Pòl Wood, aig an àm nach b'urrainn dhaibh am pàipear fhoillseachadh ach nan tigeadh atharrachadh air taic riaghaltais, no atharrachadh san t-suidheachadh eaconomach a th' ann ri linn Covid-19.
Tha am Pàipear Beag a-nis air dearbhadh gun till an luchd-obrach air an 20mh den Iuchar is gum bi am pàipear air ais anns na bùithean sa chiad sheachdain den Lùnastal.
Thug iad taing dhan a h-uile duine a tha air am pàipear a chuideachadh anns na mìosan mu dheireadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 26 An Cèitean 2020
- 15 An Giblean 2020