Grunnan an grèim air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Poileas Alba

Thuirt Poileas Alba gun deach grunn dhaoine a chur an grèim air an deireadh-sheachdain ann an co-cheangal ri a bhith a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe no dhrugaichean.

Dh'innis iad cuideachd gun deach balach, 16, ann an Leòdhas a chur fo chasaid ann an co-cheangal ri mar a chaidh càr a ghòid, agus eucoirean rathaid eile.

Thuirt na Poilis gun robh iomairt shònraichte aca a thug còmhla oifigich bho Roinn nan Rathaidean, Aonad na Dibhe is an Fhòirneirt, is sgiobaidhean coimhearsnachd.

Chaidh ochdar fhireannach, eadar 19 is 51, a chur an grèim co-cheangailte ri a bhith a' dràibheadh fo bhuaidh dhrugaichean às dèidh dhaibh deuchainnean ri taobh an rathaid fhàilligeadh.

Chaidh fear dhuibh, duine aois 22 às Inbhir Nis, a chur an grèim dà thuras air an deireadh-sheachdain.

Uile gu lèir, bha ceathrar de na dràibhearan ann an Inbhir Nis, fear san Eilean Sgitheanach, fear ann am Bàideanach, fear ann an Inbhir Pheofharain, is fear ann an Sealtainn.

Tha rannsachadh a' leantainn fhad 's a tha na Poilis a' feitheamh thoraidhean foireansaig.

Deoch-làidir

A bharrachd sin, chaidh ceathrar fhireannach, eadar 16 is 31, is boireannach, 26, a chur an grèim co-cheangailte ri a bhith a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Bha dithis dhuibh ann an Leòdhas, is an fheadhainn eile sa Bhlàr Dhubh, Inbhir Pheofharain, is Sealtainn.

Chaidh casaidean a chur às an leth is thèid aithisgean a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

"Tha duine sam bith a tha a' dràibheadh nuair a tha iad fo bhuaidh na dibhe no dhrugaichean gan cur fhèin agus daoine eile ann an cunnart", thuirt PC Calum MacAmhlaidh bho Phoileas Alba.

"Chan urrainn dhuinn a bhith dad nas soilleire: tha seo a' cur beatha dhaoine ann an cunnart.

"Ma thèid do ghlacadh, faodaidh tu do chead-dràibhidh agus d'obair a chall, agus faodaidh tu a bhith air do chur dhan phrìosan.

"Ma tha dragh air duine gu bheil cuideigin a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe no dhrugaichean, bu chòir dhaibh fios a chur thugainn", thuirt e.