£2m airson an capall-coille a dhìon

  • Air fhoillseachadh
Capall-coilleTùs an deilbh, Pròiseict Capall-coille a' Mhonaidh Ruaidh

Chaidh £2m a thoirt seachd do dh'iomairt a tha ag amas air a' chapall-choille a dhìon air a' Ghàidhealtachd.

Thathas a' tomhas gu bheil nas lugha na 1,000 de na h-eòin air fhàgail gu nàdarra is 80% dhiubh ann an Srath Spè.

Tha Pròiseact Capall-coille a' Mhonaidh Ruaidh air a bhith ag obair feuch na h-eòin a dhìon san sgìre.

'S e an fheallsanachd a th' aca coimhearsnachdan a chur aig cridhe na h-obrach le cothrom a thoirbh dhaibh planaichean ionadail a chruthachadh.

Chaidh sgeama pìleat a chur air dòigh ann an Drochaid Chàrr mar-thà, is plana a-muigh aig co-chomhairle an-dràsta.

Leudachadh

Tha Pròiseact Chapall-coille a' Mhonaidh Ruaidh a-nise air £2m fhaighinn bho Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta gus an obair aca a leudachadh.

Thèid cuibhreann den airgead a chleachdadh gus coimhearsnachdan eile ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a chuideachadh le planaichean dìon a stèidheachadh.

Bidh airgead ga chosg cuideachd air na coilltean far a bheil an capall-coille a' tighinn beò, is air dòighean gus daoine oideachadh mu na h-eòin.

"Tha àrainneachd, beathaichean is eunlaith a' tarraing tòrr dhaoine do Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh", thuirt Caroline Clark bho Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta.

"Leis an taic seo, bidh cothrom aig muinntir an àite agus luchd-tadhail cuideachadh leis an àrainneachd sin agus an capall-coille gu sònraichte a dhìon", thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh