Tagradh do roinn na turasachd

  • Air fhoillseachadh
Glumagan nan SìthicheanTùs an deilbh, Richard Croft/Geograph

Thathas a' cur ìmpidh air gnìomhachas turasachd na Gàidhealtachd obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan air thoiseach air roinn na turasachd fosgladh às ùr.

Thàinig an t-iarrtas bho BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bàideanach, Ceit Fhoirbeis.

Cho fad 's gum bi àireamh R aig ìre fhreagarrach, thuirt Riaghaltas na h-Alba gum faod gnìomhachasan turasachd tòiseachadh a' fosgladh a-rithist air an 15mh den Iuchar, le riaghailtean astarachadh shòisealta agus slàinteachais an sàs.

Tha mòran àitichean a bhios a' tàladh luchd-turais ann an sgìre taghaidh Ms Fhòirbeis, leithid Loch Nis, Glumagan nan Sìthichean san Eilean Sgitheanach agus drochaid-canàil Ghleann Fhionnain an Loch Abar.

Còmhla

"Leis gu bheil Riaghaltas na h-Alba air an 15mh den Iuchar a chomharrachadh mar an là air am faod roinn na turasachd fosgladh a rithist, cho fad 's gum bi e sàbhailte sin a dhèanamh, feumaidh sinn uile obrachadh còmhla," thuirt Ms Fhoirbeis.

"Bu thoil leam faicinn gnìomhachasan a' bruidhinn ri daoine 'sna coimhearnsachdan a dh'fhaodadh a bhith le ceistean air na bhios e a' ciallachadh dhaibhsan.

"Tha fios agam gu bheil ceistean air daoine air mar a thig an eaconomaidh dùthchail a-mach à lockdown gu faiceallach, agus tha turasachd an còmhnaidh air a bhith fìor chudromach dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

"'S e cothrom a th' ann conaltradh a dhèanamh le muinntir an àite, ann an doigh shoilleir, air mar a dh'obraicheas coimhearsnachdan dùthchail còmhla. Tha sinn uile còmhla an seo," thuirt i.