Teantaichean is sgudal ga lorg taobh Loch Airceig

  • Air fhoillseachadh
Loch AirceigTùs an deilbh, Poileas Alba

Chaidh teantaichean agus sgudal a lorg ann an coille ri taobh loch ann an Loch Abar.

Thuirt na Poilis gun deach "làn-làraich campachaidh" fhàgail aig Loch Airceig.

Am measg Giùthsach Loch Airceig tha cuid de na badan mu dheireadh de sheann choille ghiùthais dhùthchasaich na h-Alba.

Thuirt na Poilis gun robh an campa air riaghailtean an Lockdown aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh siubhail a bhristeadh.

Ann an teachdaireachd air na meadhanan sòisealta thuirt Poileas Alba: "Tha e ga dhèanamh nas miosa buileach gu bheil na daoine seo air, chan e a-mhàin sgudal, ach làn-làraich campachaidh fhàgail air an cùlaibh."