Margaidh a' bhradain fo uallach ann an Sìona
- Air fhoillseachadh

Tha iomagain gun toir na cùisean ùra den Choròna-bhìoras a dhearbhadh ann am Beijing droch bhuaidh air na thathas a' reic de bhradan Albannach ann an Sìona.
Tha aithrisean gu bheil cuid de thaighean-bìdhe agus bùitean mòra ann an Sìona air stad a chur air òrdughan bhradain às dèidh mar a fhuaireadh am bhìoras aig margaidh bìdhe ann am Beijing.
Bha Beijing air a dhol 50 latha às aonais cùis ùr den choròna-bhìoras mus do nochd an galar aig margaidh Xinfadi far a bheil 10,000 neach ag obair.
Gànrachadh
Thuirt meadhanan na stàite gun deach am bhìoras a lorg air bòrd-obrach a bhathas a' cleachdadh airson bradan a thàinig bho dhùthchannan cèin a dhèanamh nan slisean.
Chan eil e soilleir ciamar a chaidh am bòrd seo a ghànrachadh.
Thuirt Buidheann Àrach a' Bhradain an Alba nach eil fianais sam bith ann gu bheil ceangal eadar an galar a bhith a' sgapadh agus biadh a thàinig bho dhùthaich eile.
Tha iadsan den bheachd gun deach a gànrachadh gu h-ionadail.
Thuirt iad cuideachd gu bheil rannsachadh saidheansail a' sealltainn nach urrainn bradain am bhìoras fhaighinn, 's chan urrainn dhaibh a sgapadh a bharrachd.