Corp ga lorg an Abhainn Lìobhainn

  • Air fhoillseachadh
Na seirbheisean èiginneach aig Drochaid a' BealaichTùs an deilbh, Natasha_Cxx

Thuirt poilis gun d' fhuair iad lorg air corp an dèidh do nighinn, 12, a bhith ann an duilgheadas ann an abhainn faisg air Loch Laomainn.

Bha dà heileacoptair teasairginn am measg na bha an sàs san iomairt an nighean a lorg.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun na sgìre air Drochaid a' Bhealaich air Abhainn Lìobhainn mu 6:45f oidhche Dhòmhnaich an dèidh aithrisean gun robh nighean air tuiteam dhan uisge.

Chuirear iomairt theasairginn mhòr air dòigh le dà heileacoptair, na Poilis agus an t-seirbheis smàlaidh.

Bha bàta-teasgairginn Luis agus Bàta-faire Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean an sàs san iomairt cuideachd.

An ceann trì uairean de thìde fhuairear lorg air corp.

Thuirt na Poilis gun robh iad a' rannsachadh na thachair, ach gun robh iad den bheachd nach robh dad amharasach mun chùis.