Coltas nach cuirear seirbheisean Bharraigh fo na h-aon chabair

  • Air fhoillseachadh
Bàgh a' Chàisteil
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cuid anns an eilean iomagaineach gum bi a h-uile seirbheis as cudromaiche dhan choimhearsnachd air am buachailleachd còmhla ann an aon oisinn de Bhàgh a' Chaisteil.

Tha BBC Radio nan Gàidheal a' tuigsinn gur dòcha nach bi seirbheisean slàinte agus foghlaim ann am Barraigh uile stèidhichte anns an aon togalach mar a bha feadhainn an dùil, ged a bhios iad fhathast stèidhichte air an aon làraich.

Tha muinntir an àite air a bhith a' feitheamh ùine mhòir airson sgoil agus goireasan slàinte leasaichte.

Tha e coltach a-nis gur dòcha gum bi barrachd air aon togalach ann airson nan diofar sheirbheisean, a bhiodh rim faighinn air an aon làraich ann am Bàgh a' Chaisteil.

Chaidh coinneamhan co-chomhairle a chumail air-loidhne bho chionn ghoirid 's dùil aig an luchd-èisteachd gun deach a ràdh gun robh an co-dhùnadh air a dhèanamh gur e aon togalach a bhiodh ann airson a h-uile seirbheis, ach gum biodh iad fa-leth.

Coròna-bhìoras

Mar thoradh air sin, lean tuilleadh cheistean mu cho èifeachdach 's a bhiodh an suidheachadh sin gus stad a chur air a' Choròna-bhìoras sgapadh.

Chaidh innse gum biodh gach seirbheis neo-eisimeileach, agus fa-leth bho chèile ann.

Dh'iarr BBC Radio nan Gàidheal dearbhadh air a' cheist, an e dha-rìribh aon togalach a bhios ann.

Thathar a' tuigsinn a-nis nach eil co-dhùnadh air a dhèanamh fhathast air cia mheud togalach a bhios ann.

Tha am BBC cuideachd a' tuigsinn gu bheil am pròiseact air tòiseachadh air taobhadh ris a' bheachd gu bheil e gu math ao-coltach gur e aon togalach a bhios ann.

Iomagaineach

Bhiodh na goireasan stèidhichte air an làraich far a bheil sgoil Bhàgh a' Chaisteil suidhichte an-dràsta, còmhla ri pìos fearainn eile air taobh thall an rathaid.

Ach tha feadhainn anns an sgìre iomagaineach gum bi a h-uile seirbheis as cudromaiche dhan choimhearsnachd air am buachailleachd còmhla ann an aon oisinn de Bhàgh a' Chaisteil.

Tha dragh ann cuideachd nach deach pròiseact coltach ri seo, far a bheil na goireasan uile 'co-shuidhichte' air an aon làraich, fheuchainn ann an àite sam bith eile ann an Alba.

Tha feadhainn anns a'choimhearsnachd air sgrìobhadh gu Rhoda Ghrannd, am BPA Làbarach 'son sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Coinnichidh am BPA ri Àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr an ceartuair, agus tha a' chùis mu ghoireasan slàinte, foghlaim, cùram sòisealta is eile ann am Barraigh air mullach na liosta de chuspairean a tha cuid ann am Barraigh ag iarraidh air oirre a thogail.