Cobhair air dithis an Linne Chrombaigh
- Air fhoillseachadh

B' fheudar do dhithis fhireannach grèim fhaighinn air sèine-acrach aig clàr-ola gus an deach cobhair a dhèanamh orra, às dèidh dhaibh a dhol ann an èiginn ann an Linne Chrombaigh.
Bha aon fhireannach a' snàmh agus fear eile ann an caidheig.
B' fheudar do bhàta-theasargainn Inbhir Ghòrdain, agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Inbhir Nis a dhol a-mach gus cobhair a dhèanamh orra.
Dh'fhalbh an dithis fhireannaich dhan linne à Inbhir Ghòrdain oidhche Haoine.
Sruth làidir
Chaidh an glachadh ann an sruth làidir a thug a-mach gu muir iad, ach chaidh aca air grèim fhaighinn air sèine chlàr-ola an Well Safe Guardian a bha air acair sa bhàgh fhad' 's a bha iad a' dol seachad.
Chunnaic an criutha bha air bòrd a' chlàir-ola na fir, agus chuir iad a dh'iarraidh an RNLI.
Thàinig bàta-teasairginn Inbhir Ghòrdain a-mach a dhèanamh cobhair air na fir, a bha gu math fuar, ged nach deach an goirteachadh.
Dh'fhalbh a' chaidheag leis an t-sruth, ach chunnaic sgioba heileacoptair nam Maor-Cladaich e, agus chaidh aig sgioba a' bhàta-theasairginn air fhàighinn air ais.