Maill eile le aiseagan MhicFhearghais
- Air fhoillseachadh

Bidh trì bliadhna ann mus bi an MV Glen Sannox agus an dàrna aiseag a tha Gàrradh MhicFhearghais a' togail do ChalMac deiseil, a-rèir a' ghàrraidh.
Thàinig seo am follais is Gàrradh MhicFhearghais a' sireadh thagraichean airson £6m de dh'obair dealain air an dà shoitheach.
Dàil
Bha còir aig na bàtaichean a bhith deiseil bho chionn bliadhnaichean ach tha maill mhòr an dèidh bhith ann.
Choirich Jim MacColla, leis an robh an gàrradh, CMAL, a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba, airson na dàil.
Thuirt CMAL gur e droch rianachd aig a' ghàrradh bu choireach.
Chaidh an gàrradh ann an rianachd anns an Lùnastal an-uiridh agus chaidh a chur ann an làmhan na stàite anns an Dùbhlachd.
Doca
Tha an Glen Sannox, a fhrithealas Eilean Arainn, anns an doca airson obair càraidh a chosgas £400,000.
Tha i an dèidh bhith ri taobh a' ghàrraidh bho 2017 agus tha i feumach air obair càraidh is sgeadachaidh.
Bidh an soitheach eile, air a bheilear a' gabhail Slige 802, a' dol gu slighe an Eilein Sgitheanaich, Uibhist agus na Hearadh.
Na bu tràithe am bliadhna, bha Gàrradh MhicFhearghais ag amas air a' Ghlen Sannox a chrìochnachadh aig deireadh 2021 agus an soitheach eile a chrìochneachadh anns an Dàmhair 2022.
Chuir suidheachadh a' choròna-bhìoras maill air seo.