Maor-dùthcha ga fhastadh air a' Chomraich

  • Air fhoillseachadh
A' Chomraich

Tha Urras na Comraich air Taobh Siar Rois air oifigear fhastadh a bheir comhairle do luchd-turais a tha a' tadhal air an sgìre.

Leis an àireamh de dhaoine a' tadhal agus a' campachadh air feadh na Gàidhealtachd air a dhol suas as t-samhradh seo, tha grunn choimhearsnachdan air trioblaidean fhulang le feadhainn a' fàgail salachar agus sgudal às an dèidh.

Airson cuideachadh dèiligeadh leis an seo tha an t-Urras air sgeama pìleat a chur air dòigh.

A bharrachd air maor-dùthcha fhastadh, chìthear soidhnichean ùra ann le fiosrachadh agus àite air a chomharrachadh do luchd-campachaidh.

Duilgheadasan

"'S e Sgìre na Comraich aon dhe na chiad àiteachan air slighe an NC500 agus na duilgheadasan a tha againne, an aon seòrsa dhuilgheadasan a tha a' tighinn don cheann a tuath cuideachd," thuirt Gòrdan Camshron a tha a' fuireach san sgìre.

"Chunnaic sinn àrdachadh anns an àireimh de luchd-turais am-bliadhna, a bha, agus a tha cha-mhòr do-chreidsinneach, agus tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche gum bi cothrom againne mar choimhearsnachd a bhith a' cur ri sgeama a dh'obraicheas san àm ri teachd.

"Gu h-àraid an ath-bhliadhna ma tha sinn an dùil ris an aon seòrsa àireamh a' tighinn a-steach. Feumaidh goireasan gu leòr a bhith ann dhaibh agus stiùireadh gu leòr a bhith ann dhaibh.

"An rud a chuir iognadh air daoine an seo nach eil, tha e coltach, fios aig daoine mar a bu chòir dhaibh a bhith a' càmpachadh.

Sanasan

"An urad de sgudal a thathar a' fàgail às an dèidh, salachar, rudan air am milleadh, craobhan air an leagail, is rudan mar sin a' cur fearg air daoine.

"Tha sanasan a' dol air na bionaichean ag innse dè bu chòir dhaibh a chur ann. Bha tubaist againn air an deireadh sheachdain - chuir cuideigin BBQ a bha fhathast teth ann am biona mòr agus chaidh sin a mhilleadh faisg air gnìomhachas. Chuir sin iognadh agus fearg air daoine.

"Tha mi a' smaointinn mas urrainn dhaibh a bhith a' giùlain dhaoine atharrachadh gu bhith nas fhaiceallaiche, gur e sin an rud as cudromaiche", thuirt e.